Europe index

Am Bioball Gàidhlig




Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè: Romanaich 3:23

Oir is e tuarasdal a' pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a' bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Romanaich 6:23

Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a-chum nach dèanadh neach air bith uaill: Ephesianaich 2:8-9

Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b'àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia,dèan tròcair ormsa a tha am pheacach. Lùcas 18:13

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun thug e a aon-ghin Mhic fhèin, a-chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a' bheatha shìorraidh aige. Oir cha do chuir Dia a Mhac don t-saoghal a-chum gun dìteadh e an saoghal, ach a-chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìds Eòin 3:16-17

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a-chum gum bi sibh comasach air a giùlan. 1 Corintianaich, 10:13

Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd. No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna. Romanaich 8:38-39

Oir is e Crìosd crìoch an lagha a-chum fìreantachd do gach neach a chreideas. Romanaich 10:4

(Oir tha e ag ràdh, Ann an àm taitneach dh'èisd mi riut, agus ann an là slàinte rinn mi còmhnadh leat: feuch, a-nis an t-àm taitneach; feuch, a-nis là na slàinte.) 2 Corintianaich 6:2

A-nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a' chuid eile de na h-abstoil, Feara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn? An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a-chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh. Gniomharan nan Abstol, 2:37-38

Agus gun cuir sibh umaibh an nuadh-dhuine, a tha air a chruthachadh a rèir Dhè ann am fìreantachd agus am fìor-naomhachd. Ephesianaich 4:24


Romanaich

Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè: Romanaich 3:23

Mar a tha e sgrìobhte, Can eil ionracan ann, chan eil fiù a h-aon: Romanaich 3:10

Oir is e tuarasdal a' pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a' bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Romanaich 6:23

Uime sin mar a thàinig peacadh a-steach don t-saoghal tre aon duine, agus bàs tre an peacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h-uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. Romanaich 5:12

Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh. Romanaich 5:6

Ach tha Dia a' moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d'fhuiling Crìosd bàs air ar son. Romanaich 5:8

A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh: Romanaich 1:4

Air dhuinn fios a bhith againn air do Chrìosd èirigh o na mairbh, nach bàsaich e nas mò; chan eil tighearnas aig a' bhàs nas mò air. Romanaich 6:9

Ma dh'aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu. Romanaich 10:9

Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e. Romanaich 10:13

Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd. No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna. Romanaich 8:38-39


Ar n-Athair a tha air nèamh

Ar n-Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d'ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil air an talamh, mar a nìthear air nèamh. Tabhair dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil. Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchdfiach. Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a' ghlòir, gu sìorraidh. Amen. Mata 6:9-13


Salm 23

1) Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth.
2) Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùne treòraichidh e mi.
3) Aisigidh e m'anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.
4) Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a'bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.
5) Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh'ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a' cur thairis.
6) Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.


1) Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a-mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas.
2) (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.)
3) Agus chaidh iad uile a-chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin.
4) Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh,
5) A-chum gum biodh e air a mheas maille ri Muire a bha fo cheangal-pòsaidh dha, agus i mòr-thorrach.
6) Agus thàrladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choileanadh làithean a h-inbhe, a chum i a bhith air a h-aisead.
7) Agus rug i a ciad-ghin mic, agus phaisg i e ann am brat-spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh-òsda.
8) Agus bha anns an dùthaich sin buachaillean a' fantainn a-muigh, agus a' dèanamh faire-oidhche air an treud.
9) Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna orra, agus dhealraich glòir an Tighearna mun timcheall; agus ghabh iad eagal mòr.
10) Agus thubhairt an t-aingeal riu, Na biodh eagal oirbh: oir feuch, tha mi ag innse dhuibh deagh sgeul mòr-aoibhneis, a bhios don uile shluagh:
11) Oir rugadh dhuibh an-diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna.
12) Agus bidh seo na chomharradh dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat-spèilidh, na laighe ann am prasaich.
13) Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a' moladh Dhè, agus ag ràdh,
14) Glòir do Dhia anns na h-àrdan, agus air talamh sìth, deagh-ghean do dhaoine.
15) Agus thàrladh, nuair a dh'fhalbh na h-aingil uapa do nèamh, gun dubhairt na buachaillean ri chèile, Rachamaid a-nis eadhon do bhetlehem, agus faiceamaid an nì seo a rinneadh, a dh'fhoillsich an Tighearna dhuinn.
16) Agus thàinig iad gu grad, agus fhuair iad Muire agus Iòseph, agus an leanabh na laighe anns a' phrasaich.
17) Agus nuair a chunnaic iad sin, dh'aithris iad an nì a dh'innseadh dhaibh mu thimcheall an leinibh seo.
18) Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh'innseadh dhaibh leis na buachaillean.
19) Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile, a' beachd-smaoineachadh orra na cridhe.
20) Agus thill na buachaillean, a' tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu. Lùcas 2:1-20


Am Bioball Gaidhilg
Copyright © Comann-Bhìoball Dùthchail na h-Alba

Thank you to Antonio for supplying this information.

Genesis 1-3
Oidhche Shàmhach
Bible portions




Europe index